Luke 19:11 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Fhad 's a bha iad ag èisteachd ris na rudan seo, lean e air is dh'innis e cosamhlachd, a chionn 's gun robh e faisg air Ierusalem agus a chionn 's gun do shaoil iadsan gun robh rìoghachd Dhè a' dol a nochdadh sa bhad.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus a’ cluinntinn nan nithean sin dhaibh, chuir e ris, agus labhair e cosamhlachd, do bhrìgh gu robh e am fagas do Ierusalem, agus gun do shaoil iadsan gum biodh rìoghachd Dhè air a grad-fhoillseachadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus a’ cluinntinn nan nithean sin dhaibh, chuir e ris, agus labhair e cosamhlachd, do bhrìgh gu robh e am fagas do Ierusalem, agus gun do shaoil iadsan gum biodh rìoghachd Dhè air a grad‐fhoillseachadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a bha iad a g-eisdeachd ris na nichean so, lean e us labhair e dubhfhacal, a chionn gun robh e teann air Ierusalem, ʼsa chionn gun robh iad an duil gum faicte rioghachd Dhe gun dàil.