Luke 19:15 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Nuair a thill e, às dèidh dha an rìoghachd fhaighinn, dh'òrdaich e gum biodh na seirbheisich ud dhan tug e an t‑airgead air an gairm thuige, airson 's gum biodh fios aige dè a bhuannaich iad tro mhalairt.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
A‑nis nuair a thill e air ais, an dèidh dha an rìoghachd fhaotainn, an sin dh’òrdaich e na seirbhisich ud a bhith air an gairm da ionnsaigh, don tug e an t‑airgead, a‑chum gum biodh fhios aige ciod a bhuannaich gach aon dhiubh leis a’ bhuileachadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
A‑nis nuair a thill e air ais, an dèidh dha an rìoghachd fhaotainn, an sin dh’òrdaich e na seirbhisich ud a bhith air an gairm da ionnsaigh, don tug e an t‑airgead, a‑chum gum biodh fhios aige ciod a bhuannaich gach aon dhiubh leis a’ bhuileachadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus thachair gun do thill e, air dha rioghachd fhaighinn; ʼs dhʼorduich e a sheirbhisich a bhith air an gairm, dha ʼn tug e an t-airgiod, gu fios a bhith aige dé urad ʼsa choisinn gach fear le marsantachd.