Luke 2:21 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Air an ochdamh latha, nuair a bha an t‑àm air tighinn airson a thimcheall‑ghearradh, chaidh Ìosa a thoirt air mar ainm, an t‑ainm a ghabh an t‑aingeal air mun deach a ghineadh anns a' bhroinn.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a choileanadh ochd làithean a‑chum an leanabh a thimcheall-ghearradh, thugadh IOSA mar ainm air, eadhon an t‑ainm a ghairm an t‑aingeal dheth mun do ghabhadh anns a’ bhroinn e.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a choileanadh ochd làithean a‑chum an leanabh a thimcheall‐ghearradh, thugadh IOSA mar ainm air, eadhon an t‑ainm a ghairm an t‑aingeal dheth mun do ghabhadh anns a’ bhroinn e.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS air do ochd laithean a bhith air an coimhlionadh gus an leanabh a thimchioll-ghearradh, thugadh Iosa mar ainm air, mar thugadh air leis an aingeal, mun do ghineadh sa bhroinn e.