Luke 2:43 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus nuair a bha làithean na Fèille seachad, fhad 's a bha iad a' tilleadh, dh'fhan am balach ann an Ierusalem. Cha robh fios aig a phàrantan air.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air coileanadh nan làithean sin dhaibh, nuair a thill iadsan, dh’fhan an leanabh Iosa nan dèidh ann an Ierusalem; agus cha robh fhios aig Iòseph no aig a mhàthair air a sin.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air coileanadh nan làithean sin dhaibh, nuair a thill iadsan, dh’fhan an leanabh Iosa nan dèidh ann an Ierusalem; agus cha robh fhios aig Iòseph no aig a mhàthair air a sin.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS an deigh dhaibh na laithean a choimhlionadh, nuair bha iad a tilleadh, dhʼ fhan an leanabh Iosa ann an Ierusalem, ʼs cha robh fios aig a pharantan air so.