Luke 20:19 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Dh'iarr na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean an làmhan a chur air aig an àm sin fhèin ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir thuig iad gum b' ann nan aghaidh fhèin a dh'abair e a' chosamhlachd seo.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus anns an uair sin fhèin dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean làmh a chur ann; ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd seo.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus anns an uair sin fhèin dh’iarr na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean làmh a chur ann; ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd seo.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus dhʼiarr na h-ard-shagairt agus na Sgriobhaich an lamhan a chur air sa cheart uair; ach bha eagal an t-sluaigh orra, oir thuig iad gur ann riu fhein a thuirt e an dubhfhacal so.