Luke 21:12 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Ach roimhe seo uile, cuiridh iad an làmhan oirbhse agus geur‑leanaidh iad sibh, gur toirt thairis dha na sionagogan agus na prìosain, agus thèid ur toirt mu choinneamh rìghrean agus riaghladairean air sgàth m' ainme‑sa.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach ro na nithean seo uile, cuiridh iad làmh annaibhse, agus geur-leanaidh iad sibh, gur tabhairt thairis do choitheanail, agus do phrìosanan, gur tabhairt a‑chum rìghrean agus uachdaran air sgàth m’ainme-sa.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach ro na nithean seo uile, cuiridh iad làmh annaibhse, agus geur‐leanaidh iad sibh, gur tabhairt thairis do choitheanail, agus do phrìosanan, gur tabhairt a‑chum rìghrean agus uachdaran air sgàth m’ainme‐sa.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach rompa so uile, cuiridh iad sibhse an laimh, agus ni iad geur-leanmhuinn oirbh, gu ʼr liubhairt do na sinagogan, ʼs do phriosanan, gu ʼr tarruinn air bialaobh righrean agus uachdran as leth mʼ ainmse: