Luke 21:23 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Nach truagh dhaibhsan a tha trom agus dhan fheadhainn a tha ag altram leanaban anns na làithean sin! Oir bidh àmhghar mòr air an talamh agus corraich an aghaidh an t‑sluaigh seo.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach mo thruaighe na mnathan a bhios torrach, agus iadsan a bhios a’ toirt cìche anns na làithean sin! Oir bidh teanntachd mhòr anns an dùthaich, agus fearg air a’ phoball seo.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach mo thruaighe na mnathan a bhios torrach, agus iadsan a bhios a’ toirt cìche anns na làithean sin! Oir bidh teanntachd mhòr anns an dùthaich, agus fearg air a’ phoball seo.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach mo thruaighe iadsan, a tha torrach ʼsa toirt ciche anns na laithean sin: oir bithidh amhghar mor san tir, us corruich an aghaidh an t-sluaigh so.