Luke 21:24 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Tuitidh iad le faobhar a' chlaidheimh, agus thèid an treòrachadh ann am braighdeanas a‑steach dha na nàiseanan gu lèir. Bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich gus an tèid amannan nan Cinneach a choileanadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus tuitidh iad fo fhaobhar a chlaidhimh; agus bheirear iad an daorsa gus a h-uile cinneadh; agus theid Ierusalem a shaltairt leis na cinnich: gus an coimhlionar amannan nan cinneach.