Luke 21:34 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Bithibh faiceallach, air eagal 's gum bi ur cridheachan air an draghadh sìos le geòcaireachd agus le misg, agus le cùraman na beatha seo, agus gun tig an latha sin oirbh gu luath mar ribe.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal uair air bith gum bi ur cridhe fo uallach le geòcaireachd, agus le misg, agus le ro‑chùram mu nithean na beatha seo, agus gun tig an là sin oirbh gu h‑obann.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal uair air bith gum bi ur cridhe fo uallach le geòcaireachd, agus le misg, agus le ro‑chùram mu nithean na beatha seo, agus gun tig an là sin oirbh gu h‑obann.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Thugaibh an aire dhuibh fhein, eagal ur cridheachan a bhith trom ma dhʼ fhaoidte le sathachd, ʼs le misg, ʼs le curaman na beatha so; ʼs gun tig an là ud oirbh gun fhaireachadh.