Luke 22:55 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus nuair a bha iad air teine a lasadh ann am meadhan na cùirt‑lios agus air suidhe sìos còmhla, shuidh Peadar nam measg.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air dhaibh teine fhadadh ann am meadhon an talla, agus suidhe sìos maille ri chèile, shuidh Peadar nam meadhon.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air dhaibh teine fhadadh ann am meadhon an talla, agus suidhe sìos maille ri chèile, shuidh Peadar nam meadhon.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a bheothaich iad teine am miadhon an talla, shuidh iad mun cuairt da, us Peadar ʼnam miadhon.