Luke 23:11 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
An uair sin chuir Herod agus a shaighdearan ann an suarachas e agus rinn iad magadh air. Agus às dèidh a sgeadachadh ann an aodach àlainn, chuir e air ais gu Pìlat e.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach chuir Herod agus a luchd-cogaidh ann an neo-mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach chuir Herod agus a luchd‐cogaidh ann an neo‐mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach chuir Herod us ʼarmailt suarach e; ʼs ga eideadh an trusgan geal, rinn e culaidh-mhagaidh dheth, agus chuir e air ais gu Pilat e.