Luke 23:14 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
agus thuirt e riutha, “Thug sibh thugamsa an duine seo, mar neach a tha a' tionndadh an t‑sluaigh a thaobh. Tha mi air a cheasnachadh nur làthair agus cha d' fhuair mi coire sam bith san duine seo a thaobh nan casaidean a tha sibh a' dèanamh na aghaidh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Thubhairt e riu, Thug sibh am ionnsaigh-sa an duine seo, mar neach a tha a’ tionndadh an t‑sluaigh a thaobh: agus, feuch, air dhomh a cheasnachadh nur làthair, cha d’fhuair mi coire air bith anns an duine seo a‑thaobh nan nithean sin mum bheil sibh a’ dèanamh casaid air;
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Thubhairt e riu, Thug sibh am ionnsaigh‐sa an duine seo, mar neach a tha a’ tionndadh an t‑sluaigh a thaobh: agus, feuch, air dhomh a cheasnachadh nur làthair, cha d’fhuair mi coire air bith anns an duine seo a‑thaobh nan nithean sin mum bheil sibh a’ dèanamh casaid air;
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Thuirt e riu: Thug sibh gam ionnsuidh an duine so, mar neach a tha cur an t-sluaigh air aimhreadh; agus, seall, an deigh dhomhsʼ a cheasnachadh air ur bialaobh, cha n-eil mi faighinn cionta sam bith san duine so thaobh nan nichean muʼm beil sibhse dianamh casaid air.