Luke 23:22 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach an treas uair thuirt e riutha, “Carson, dè an t‑olc a rinn e? Cha d' fhuair mise ciont sam bith ann a tha airidh air bàs. Mar sin, peanasaichidh mi e agus leigidh mi mu sgaoil e.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS an treas uair thuirt e riu: Car-son, ciod an t-olc a rinn e? cha n-eil mi faighinn aobhar bàis ann: smachdaichidh mi e ma ta, us leigidh mi chead da.