Luke 23:35 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus sheas an sluagh a' coimhead, agus rinn na riaghladairean magadh air, ag ràdh, “Shàbhail e daoine eile; sàbhaileadh e e fhèin, mas e seo Crìosd Dhè, am Fear Taghte.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h‑uachdarain fanaid air maille riùsan, ag ràdh, Shaor e daoine eile; saoradh e e fhèin, mas e seo Crìosd, aon taghte Dhè.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h‑uachdarain fanaid air maille riùsan, ag ràdh, Shaor e daoine eile; saoradh e e fhèin, mas e seo Crìosd, aon taghte Dhè.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus sheas an sluagh a g-amharc, agus rinn na h-uachdrain cuide riu magadh air, a g-radh: Shabhail e feadhainn eile, sabhaladh e e fhein, ma ʼs esan Criosta taghte Dhe.