Luke 24:18 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
An uair sin fhreagair fear dhiubh air an robh an t‑ainm Cleopas e, “An tusa an t‑aon neach‑tadhail ann an Ierusalem aig nach eil fios air na chaidh a dhèanamh an sin anns na làithean seo?”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus fhreagair fear dhiubh dom b’ainm Cleopas, agus thubhairt e ris, A bheil thusa a‑mhàin ad choigreach ann an Ierusalem, agus gun fhios agad air na nithean a rinneadh innte anns na làithean seo?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus fhreagair fear dhiubh dom b’ainm Cleopas, agus thubhairt e ris, A bheil thusa a‑mhàin ad choigreach ann an Ierusalem, agus gun fhios agad air na nithean a rinneadh innte anns na làithean seo?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus fear dhiu, dha ʼm bʼ ainm Cleophas, ʼs e freagairt, thuirt e ris: An tusa a mhain a tha na dʼ choigreach ann an Ierusalem, ʼs nach aithne na nichean, a rinneadh anns na laithean so?