Luke 24:27 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus a' tòiseachadh le Maois is o na fàidhean gu lèir, dh'eadar‑mhìnich e dhaibh anns na Sgriobtaran uile na rudan ma thimcheall fhèin.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air dha tòiseachadh o Mhaois, agus o na fàidhean uile, dh’eadar-mhìnich e dhaibh anns na sgriobtairean uile na nithean ma thimcheall fhèin.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air dha tòiseachadh o Mhaois, agus o na fàidhean uile, dh’eadar‐mhìnich e dhaibh anns na sgriobtairean uile na nithean ma thimcheall fhèin.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa tòiseachadh aig Maois ʼs na faidhean uile, mhinich e dhaibh as na sgriobtuirean uile na bha mu dheidhinn fhein.