Luke 24:44 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
An uair sin thuirt e riutha, “Is iad seo m' fhaclan‑sa a thuirt mi ribh fhad 's a bha mi fhathast còmhla ribh, gum feumadh a h‑uile sìon a tha sgrìobhte mum dheidhinn‑sa ann an Lagh Mhaois is anns na Fàidhean is anns na Sailm a bhith air a choileanadh.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall-sa, a bhith air an coileanadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall‐sa, a bhith air an coileanadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thuirt e riu: ʼSiad so na briathran a labhair mi ribh, ʼs mi fhathast ʼnur cuideachda, gum feumar gach ni a choimhlionadh, a tha sgriobhte mu mʼ dheidhinn an lagh Mhaois, agus anns na faidhean, agus anns na sailm.