Luke 3:1 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
A‑nis anns a' chòigeamh bliadhna deug de rìoghachadh Thiberiuis Chèasair, nuair a bha Pontias Pìlat na riaghladair air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air ceàrnaidh Iturèa agus Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
A‑nis anns a’ chòigeamh-bliadhna-deug de ìmpireachd Thiberiuis Chèasair, air bhith do Phontias Pilat na uachdaran air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air Iturèa agus dùthaich Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
A‑nis anns a’ chòigeamh‐bliadhna‐deug de ìmpireachd Thiberiuis Chèasair, air bhith do Phontias Pilat na uachdaran air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air Iturèa agus dùthaich Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
A nis anns a choigeamh bliadhna diag de dhʼ iompaireachd Thiberiuis César, nuair bha Pontius Pilat ʼna uachdran air Iudéa, us Herod ʼna thetrarc air Galile, us Philip a bhrathair ʼna thetrarc air Iturea agus duthaich Thraconitis, us Lisanias ʼna thetrarc air Abilina,