Luke 3:11 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus fhreagair esan iad, “Ge b' e aig a bheil dà bhad aodaich uachdair, roinneadh e leis an neach aig nach eil; agus an neach aig a bheil biadh, dèanadh e san aon dòigh.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil dà chòta, roinneadh e ris an tì aig nach eil; agus an tì aig a bheil biadh, dèanadh e mar an ceudna.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil dà chòta, roinneadh e ris an tì aig nach eil; agus an tì aig a bheil biadh, dèanadh e mar an ceudna.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus fhreagair esan, us thuirt e riu: Am fear aig a bheil dà chota, thugadh e do ʼn fhear aig nach eil cota idir; ʼs am fear aig a bheil biadh, dianadh e air an alt chiadna.