Luke 3:22 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
agus thàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an cruth corporra mar chalman. Agus thàinig guth o nèamh, ag ràdh, “Is tusa mo Mhac gràdhach, leatsa tha mi fìor thoilichte.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus gun tàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an coslas corporra mar chalaman, agus gun tàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus gun tàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an coslas corporra mar chalaman, agus gun tàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr‐thlachd.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus theirinn an Spiorad Naomh air, an riochd corporra mar chalaman; us thainig guth bho neamh: Is tu mo Mhac ionmhuinn, asadsa is mor mo thlachd.