Luke 4:38 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Dh'èirich e às an t‑sionagog agus chaidh e a‑steach do thaigh Shìmoin. A‑nis bha màthair‑chèile Shìmoin a' fulang le fiabhras mòr, agus dh'fhaighnich iad do dh'Ìosa an cuidicheadh e i.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus dh’èirich e as an t‑sionagog agus chaidh e a‑steach do thaigh Shìmoin: agus bha fiabhras mòr air màthair-chèile Shìmoin; agus ghuidh iad air as a leth.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus dh’èirich e as an t‑sionagog agus chaidh e a‑steach do thaigh Shìmoin: agus bha fiabhras mòr air màthair‐chèile Shìmoin; agus ghuidh iad air as a leth.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus dhʼeirich Iosa as an t-sinagog, us chaidh e stigh do thigh Shimoin. Agus bha mathair-cheile Shimoin air a glacadh le fiabhrus mor; agus ghuidh iad air ga taobh.