Luke 5:10 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
agus bha Seumas is Eòin, mic Shebede, a bha nan luchd‑compàirt le Sìmon, mar sin cuideachd. Agus thuirt Ìosa ri Sìmon, “Na biodh eagal ort; à seo suas glacaidh tu daoine.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus mar an ceudna Seumas agus Eòin, mic Shebede, a bha nan companaich aig Sìmon. Agus thubhairt Iosa ri Sìmon, Na biodh eagal ort; à seo suas glacaidh tu daoine.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus mar an ceudna Seumas agus Eòin, mic Shebede, a bha nan companaich aig Sìmon. Agus thubhairt Iosa ri Sìmon, Na biodh eagal ort; à seo suas glacaidh tu daoine.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us mar an ciadna ghabh Seumas agus Eoin, mic Shebede, a bha ʼnan companaich aig Simon, iongantas. Us thuirt Iosa ri Simon: Na gabh eagal: á so suas glacaidh tu daoine.