Luke 5:17 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Air aon dhe na làithean sin, nuair a bha e a' teagasg, bha Pharasaich agus luchd‑teagaisg lagha nan suidhe an sin a bha air tighinn às gach uile bhaile de Ghalile agus de dh'Iudèa agus à Ierusalem. Agus bha cumhachd an Tighearna còmhla ris airson 's gun dèanadh e slànachadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thàrladh air là àraidh, nuair a bha e a’ teagasg, gu robh nan suidhe an sin Pharasaich agus luchd-teagaisg an lagha, a thàinig as gach uile bhaile de Ghalile, agus de Iudèa, agus o Ierusalem: agus bha cumhachd an Tighearna an làthair a‑chum an slànachadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thàrladh air là àraidh, nuair a bha e a’ teagasg, gu robh nan suidhe an sin Pharasaich agus luchd‐teagaisg an lagha, a thàinig as gach uile bhaile de Ghalile, agus de Iudèa, agus o Ierusalem: agus bha cumhachd an Tighearna an làthair a‑chum an slànachadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS air latha araid thachair, gun robh e ʼna shuidhe a teagasg. Agus ʼnan suidhe an sin mar an ciadna bha Phairisich agus ollamhan an lagha, a thainig as gach baile de Ghalile, ʼs de Iudéa, agus á Ierusalem: us bha feartan an Tighearna ann gus an leigheas.