Luke 5:27 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Às dèidh seo chaidh e a‑mach, agus chunnaic e cìs‑mhaor air an robh an t‑ainm Lèbhi na shuidhe aig bùth na cìse. Agus thuirt e ris, “Lean mise.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus an dèidh nan nithean sin, chaidh e a‑mach, agus chunnaic e cìs-mhaor dom b’ainm Lèbhi na shuidhe aig àite-togail na cìse; agus thubhairt e ris, Lean mise.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus an dèidh nan nithean sin, chaidh e a‑mach, agus chunnaic e cìs‐mhaor dom b’ainm Lèbhi na shuidhe aig àite‐togail na cìse; agus thubhairt e ris, Lean mise.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus an deigh nan nichean so dhʼfhalbh e, us chunnaic e cismhaor, dhaʼm bʼainm Lebhi, ʼna shuidhe aig tigh na cise, us thuirt e ris: Lean mise.