Luke 5:36 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Dh'innis e cuideachd cosamhlachd dhaibh: “Chan eil neach sam bith a' sracadh pìos o bhad aodaich ùr agus ga chur air seann bhad aodaich. Ma tha, sracaidh e an t‑aodach ùr, agus cha tig am pìos on fhear ùr ris an t‑seann fhear.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus labhair e mar an ceudna cosamhlachd riu: Cha chuir neach air bith mìr de aodach nuadh air seann aodach, no reubaidh an t‑aodach nuadh e, agus cha tig am mìr den aodach nuadh ris an t‑seann aodach.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus labhair e mar an ceudna cosamhlachd riu: Cha chuir neach air bith mìr de aodach nuadh air seann aodach, no reubaidh an t‑aodach nuadh e, agus cha tig am mìr den aodach nuadh ris an t‑seann aodach.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us labhair e cuideachd cosamhlachd riu: Chionn cha chuir gin sa bith breid á eideadh ùr air seann eideadh: air-neo riabaidh e an t-eideadh ùr, agus cha fhreagair am breid as an fhear ùr do ʼn t-seann fhear.