Luke 6:34 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus ma bheir sibh iasad dhaibhsan o bheil dùil agaibh fhaighinn air ais, dè an seòrsa cliù a tha sin dhuibh? Tha fiù 's peacaich a' toirt iasad do pheacaich, airson 's gum faigh iad air ais an aon uiread.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus ma bheir sibh iasad dhaibhsan om bheil dùil agaibh ri a fhaotainn a‑rìs, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir bheir peacaich fhèin iasad do pheacaich, a‑chum gum faigh iad uiread a‑rìs.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus ma bheir sibh iasad dhaibhsan om bheil dùil agaibh ri a fhaotainn a‑rìs, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir bheir peacaich fhèin iasad do pheacaich, a‑chum gum faigh iad uiread a‑rìs.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus ma bheir sibh coingheall do ʼn fheadhainn bho ʼm beil duil agaibh ri leithid fhaighinn, ciod an taing dhuibh? oir bheir peacaich fhein coingheall do pheacaich gus urad fhaighinn.