Luke 6:4 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
mar a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè agus a ghabh e an t‑aran coisrigte, agus a dh'ith e e, agus a thug e cuideachd e dhaibhsan a bha còmhla ris — rud nach eil ceadaichte ach dha na sagartan a‑mhàin?”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a ghabh e aran na fianais, agus a dh’ith e fhèin, agus a thug e mar an ceudna dhaibhsan a bha maille ris; nì nach eil ceadaichte ithe ach do na sagartan a‑mhàin?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a ghabh e aran na fianais, agus a dh’ith e fhèin, agus a thug e mar an ceudna dhaibhsan a bha maille ris; nì nach eil ceadaichte ithe ach do na sagartan a‑mhàin?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Mar chaidh e stigh do thigh Dhe, ʼsa ghabh e an t-aran-tairgse, ʼsa dhʼ ith e, ʼsa thug e dhaibhse, a bha marris, nach eil laghail ithe ach a mhain do na sagairt?