Luke 6:44 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir tha gach craobh air a h‑aithneachadh o a toradh fhèin. Oir cha chruinnich daoine fìgean o dhroighinn, agus cha mhotha a tha fìon‑dhearcan air am buain o dhris.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir aithnichear gach craobh air a toradh: oir cha tionail daoine fìgean de dhroighinn, no caoran fìona den fheàrr-dhris.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir aithnichear gach craobh air a toradh: oir cha tionail daoine fìgean de dhroighinn, no caoran fìona den fhearr‐dhris.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir aithnichear gach craobh air a meas. Oir cha tionail daoine figisean dhe ʼn dreigheann, ʼs cha mhua bhuaineas iad dearcan-fiona dhe ʼn dris.