Luke 6:48 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Tha e coltach ri duine, a' togail taighe, a chladhaich sìos gu domhainn agus a shuidhich a' bhunait air a' chreig. Agus nuair a dh'èirich tuil, bhuail an sruth gu dian air an taigh sin ach cha b' urrainn dha a chrathadh, oir bha e air a thogail gu math.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Is cosmhail e ri duine a thog taigh, agus a chladhaich domhain, agus a chuir a’ bhunait air carraig: agus nuair a thàinig an tuil, bhuail an sruth gu dian air an taigh sin, agus cha b’urrainn e a charachadh; oir bha e air a shuidheachadh air carraig.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Is cosmhail e ri duine a thog taigh, agus a chladhaich domhain, agus a chuir a’ bhunait air carraig: agus nuair a thàinig an tuil, bhuail an sruth gu dian air an taigh sin, agus cha b’urrainn e a charachadh; oir bha e air a shuidheachadh air carraig.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Tha e coltach ri duine a togail tighe, a chladhaich domhain, ʼsa leag a steidh air craig: ʼs nuair thainig an tuil, bhuail an struth gu dian air an tigh sin, ʼs cha bʼurrainn da a charachadh: oir bha e steidhichte air a chraig.