Luke 7:32 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Tha iad coltach ri cloinn a tha nan suidhe san ionad‑mhargaidh, agus ag èigheach ri chèile, ag ràdh: “‘Chluich sinne an duiseal dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa; sheinn sinne tuireadh dhuibhse, agus cha do chaoin sibhse.’
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Tha iad cosmhail ri cloinn a tha nan suidhe anns a’ mhargadh, agus a dh’èigheas ri chèile, ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, agus cha do rinn sibhse gul.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Tha iad cosmhail ri cloinn a tha nan suidhe anns a’ mhargadh, agus a dh’èigheas ri chèile, ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, agus cha do rinn sibhse gul.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Tha iad coltach ri cloinn ʼnan suidhe sa mhargadh, agus a bruidhinn ri cheile, ʼsa g-radh: Ghleus sinn ceol dhuibh, ʼs cha do dhanns sibh; rinn sinn cumha, ʼs cha do ghuil sibh.