Luke 7:6 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus chaidh Ìosa còmhla riutha. Ach nuair nach robh e fada on taigh, chuir an ceannard‑ceud càirdean thuige, ag ràdh ris, “A Thighearna, na gabh dragh, oir chan eil mise airidh air gun tigeadh tu a‑steach fo mhullach mo thaighe.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus chaidh Iosa maille riu. Ach air dha a bhith a‑nis am fagas don taigh, chuir an ceannard-ceud càirdean da ionnsaigh, ag ràdh ris, A Thighearna, na cuir dragh ort fhèin; oir chan airidh mise gun rachadh tu a‑steach fom chlèith:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus chaidh Iosa maille riu. Ach air dha a bhith a‑nis am fagas don taigh, chuir an ceannard‐ceud càirdean da ionnsaigh, ag ràdh ris, A Thighearna, na cuir dragh ort fhèin; oir chan airidh mise gun rachadh tu a‑steach fom chlèith:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus dhʼfhalbh Iosa comhla riu. ʼS nuair bha e nis teann air an tigh, chuir an ceannard-ciad cairdean ga ionnsuidh, a g-radh: A Thighearna, na cuir dragh ort fhein: oir cha n-airidh mise gun tigeadh tu stigh fo mʼfhardaich: