Luke 8:14 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus a thaobh an t‑sìl a thuit am measg dhroigheann, is iad sin an fheadhainn a dh'èisteas, ach fhad 's a thèid iad air an slighe, tha iad air an tachdadh le cùraman agus le beairteas agus le toileachais na beatha, agus chan eil iad a' toirt a‑mach toradh abaich.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus an nì a thuit am measg droighinn, is iad sin an dream a dh’èisdeas, agus air dhaibh dol a‑mach, tha iad air an tachdadh le cùram, agus le saoibhreas, agus le sàimh na beatha seo, agus chan eil iad a’ toirt toraidh uapa a‑chum foirfeachd.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus an nì a thuit am measg droighinn, is iad sin an dream a dh’èisdeas, agus air dhaibh dol a‑mach, tha iad air an tachdadh le cùram, agus le saoibhreas, agus le sàimh na beatha seo, agus chan eil iad a’ toirt toraidh uapa a‑chum foirfeachd.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa chuid a thuit am measg an dreighinn, ʼsiad sin iadsan a chuala, ʼsa dol a mach a tha air an tachdadh le ro-churam, ʼs le beartas, ʼs le àilleas na beatha so, ann an rathad ʼs nach eil iad a toirt a mach toraidh.