Luke 8:27 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Nuair a bha Ìosa air a dhol a‑mach air tìr, choinnich duine às a' bhaile ris, anns an robh deamhain. Airson ùine mhòir cha robh e air aodach a chur air, agus cha robh e air fuireach ann an taigh, ach am measg nan tuam.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a chaidh e a‑mach air tìr, choinnich duine àraidh as a’ bhaile e, anns an robh deamhain rè aimsir fhada, agus aig nach biodh aodach uime, agus nach fanadh ann an taigh, ach anns na h‑àitean-adhlaic.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a chaidh e a‑mach air tìr, choinnich duine àraidh as a’ bhaile e, anns an robh deamhain rè aimsir fhada, agus aig nach biodh aodach uime, agus nach fanadh ann an taigh, ach anns na h‑àitean‐adhlaic.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair thainig e air tir, choinnich fear araid e, anns an robh deomhan uine fhada, agus cha robh aodach air, ʼs cha mhua bha e tamh ann an tigh, ach anns na h-uaighean.