Luke 8:29 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir bha e air àithne a thoirt dhan spiorad neòghlan tighinn a‑mach às an duine. Oir bha e air greimeachadh air gu tric; agus bhiodh e air a chumail fo fhaire agus air a cheangal le slabhraidhean is sèinichean‑coise, ach bhriseadh e na cuibhrichean agus bhiodh e air a ruagadh leis an deamhan do dh'àiteachan fàsail.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
(Oir bha e air toirt àithne don spiorad neòghlan dol a‑mach as an duine. Oir bu tric a rug e gu naimhdeil air: agus cheangladh e le slabhraidhean, agus choimheadadh an gèimhlean e; agus air briseadh a chuibhreach dha, dh’iomaineadh e leis an deamhan don fhàsach.)
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
(Oir bha e air toirt àithne don spiorad neòghlan dol a‑mach as an duine. Oir bu tric a rug e gu naimhdeil air: agus cheangladh e le slabhraidhean, agus choimheadadh an gèimhlean e; agus air briseadh a chuibhreach dha, dh’iomaineadh e leis an deamhan don fhàsach.)
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir thug e ordugh do ʼn spiorad neoghlan a dhol a mach as an duine. Oir bʼiomadh uair a ghlacadh e leis, agus bhathas ga cheangal le slabhruidhean, ʼs ga chumail le geimhlean; ʼsa bristeadh a chuibhrichean dhʼiomaineadh e leis an deomhan do dhʼ aiteachan fàs.