Luke 9:10 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus nuair a thill na h‑abstoil, dh'innis iad dha na bha iad air a dhèanamh. Thug e leis iad agus chaidh e air leth dhan bhaile ris an canar Betsaida.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air tilleadh do na h‑Abstoil, dh’innis iad dha gach nì a rinn iad. Agus thug e leis iad, agus chaidh e fa leth gu àite fàsail, a bhuineadh don bhaile den goirear Betsaida.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air tilleadh do na h‑Abstoil, dh’innis iad dha gach nì a rinn iad. Agus thug e leis iad, agus chaidh e fa leth gu àite fàsail, a bhuineadh don bhaile den goirear Betsaida.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a thill na h-ostail, dhʼinnis iad dha gach uile ni a rinn iad; agus gan toirt leis chaidh e lethtaobh gu aite fàs, a tha faisg do Bhethsaida.