Luke 9:13 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach thuirt esan riutha, “Thugaibhse dhaibh rudeigin a dh'itheas iad.” Thuirt iadsan, “Chan eil barrachd againn air còig lofaichean agus dà iasg — mura tèid sinn is gun ceannaich sinn biadh airson an t‑sluaigh seo gu lèir.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach thubhairt esan riu, Thugaibh-se dhaibh nì ri ithe. Agus thubhairt iadsan, Chan eil againn tuilleadh na còig buileannan agus dà iasg: mura tèid sinn agus biadh a cheannach don t‑sluagh seo uile.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach thubhairt esan riu, Thugaibh‐se dhaibh nì ri ithe. Agus thubhairt iadsan, Chan eil againn tuilleadh na còig buileannan agus dà iasg: mura tèid sinn agus biadh a cheannach don t‑sluagh seo uile.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thuirt e riu: Thugaibh fhein biadh dhaibh. Ach fhreagair iadsan: Cha n-eil againn tuilleadh na coig builionnan, agus dà iasg: nas lugha na theid sinn ma dhʼ fhaoidte us biadh a cheannach do ʼn t-sluagh so uile.