Luke 9:22 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Thuirt e, “Feumaidh Mac an Duine mòran fhulang 's a bhith air a dhiùltadh le na h‑èildearan, na h‑àrd‑shagartan is na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs agus air a thogail suas air an treas latha.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ag ràdh, gur èiginn do Mhac an Duine mòran fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air a thogail suas air an treas là.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ag ràdh, gur èiginn do Mhac an Duine mòran fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air a thogail suas air an treas là.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir feumaidh, os esan, Mac an duine moran fhulang, ʼsa bhith air a dhiultadh leis na seanairean, agus leis na h-ard-shagairt, agus leis na Sgriobhaich, ʼsa bhith air a chur gu bàs, agus eirigh a rithist an treas latha.