Luke 9:39 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus, seall, bidh spiorad a' breith air agus anns a' bhad tha e ag èigheach, agus ga chrathadh na h‑uimhir is gum bi cop a' tighinn ma bheul. Is gann gu bheil e ga fhàgail idir, agus tha e ga phronnadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus, feuch, tha spiorad a’ breith air, agus tha e gu h‑obann ag èigheach; agus tha e ga tharraing as a chèile, air chor is gu bheil e a’ cur cobhair a‑mach, agus an dèidh a cho-bhruthadh is gann a dh’fhàgas e e.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus, feuch, tha spiorad a’ breith air, agus tha e gu h‑obann ag èigheach; agus tha e ga tharraing as a chèile, air chor is gu bheil e a’ cur cobhair a‑mach, agus an dèidh a cho‐bhruthadh is gann a dh’fhàgas e e.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus, seall, tha spiorad ga ghlacadh, ʼs tha esan san uair a toirt ràin as, ʼs ga thilgeil ri talamh tha e ga stroiceadh us cop mu bhial; agus is gann a sguireas e ga riasladh: