Luke 9:45 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach cha do thuig iadsan an abairt seo agus bha i air a falach uapa, airson 's nach tuigeadh iad i. Agus bha eagal orra faighneachd dha mun abairt seo.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach cha do thuig iadsan an còmhradh seo, agus bha e falaichte uapa air chor is nach b’aithne dhaibh e: agus bha eagal orra ceist a chur air mu thimcheall a’ chòmhraidh seo.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach cha do thuig iadsan an còmhradh seo, agus bha e falaichte uapa air chor is nach b’aithne dhaibh e: agus bha eagal orra ceist a chur air mu thimcheall a’ chòmhraidh seo.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach cha do thuig iad am facal so, agus bha e am falach orra, ann an rathad ʼs nach do ghlac iad a bhrigh; agus bha sgàth orra fharraid dheth mu ʼn fhacal so.