Mark 1:45 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach chaidh esan a‑mach agus thòisich e air tòrr aithris a dhèanamh agus air an naidheachd a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach b' urrainn do dh'Ìosa tuilleadh a dhol gu follaiseach a‑steach do bhaile. Ach dh'fhan e a‑muigh ann an àiteachan fàsail agus bha daoine a' tighinn thuige on a h‑uile taobh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach air dhasan dol a mach, thòisich e ri innse, ʼs ri sgaoileadh an sgeoil; air chor ʼs nach bʼurrainn e nis dol a stigh doʼn bhaile gu follaiseach, ach dhʼfhuirich e mach ann an aitean fàs, agus thionail iad as gach aite ga ionnsuidh.