Mark 10:19 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Is aithne dhut na h‑àitheantan: ‘Na dèan murt, na dèan adhaltranas, na goid, na toir fianais‑bhrèige, na dèan foill, thoir urram dhad athair agus dhad mhàthair.’ ”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Is aithne dhut na h‑àitheantan, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Na dèan eucoir, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Is aithne dhut na h‑àitheantan, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Na dèan eucoir, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Is aithne dhut na faintean: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige: Na dian mealltaireachd: Thoir onair dha tʼ athair us dha dʼ mhathair.