Mark 10:32 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Bha iad air an rathad a' dol suas gu Ierusalem, agus bha Ìosa a' coiseachd air thoiseach orra; agus ghlac iongnadh iad, agus bha iadsan a bha a' leantainn fo eagal. Agus a‑rithist a' toirt an dà fhear dheug air leth, thòisich e air na rudan a bha a' dol a thachairt innse dhaibh,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus bha iad air an t‑slighe a’ dol suas gu Ierusalem: agus bha Iosa ag imeachd romhpa, agus ghlac uamhas iad, agus nuair a bha iad ga leantainn, bha eagal orra. Agus thug e an dà‑fhear-dheug air leth a‑rìs, agus thòisich e air na nithean a bha gu tachairt dha innse dhaibh;
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus bha iad air an t‑slighe a’ dol suas gu Ierusalem: agus bha Iosa ag imeachd romhpa, agus ghlac uamhas iad, agus nuair a bha iad ga leantainn, bha eagal orra. Agus thug e an dà‑fhear‐dheug air leth a‑rìs, agus thòisich e air na nithean a bha gu tachairt dha innse dhaibh;
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus bha iad air an rathad a dol suas gu Ierusalem; agus dhʼimich Iosa rompa, us bha ioghnadh orra; us ga leanail bha fiamh orra. Agus ghabh e rithist na dhà-dhiag, agus thòisich e ri innse dhaibh na bha dol a thachairt dha.