Mark 11:15 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
An uair sin thàinig iad gu Ierusalem. Agus chaidh e a‑steach dhan teampaill is thòisich e air an fheadhainn a bha a' reic 's a' ceannach san teampall a ruaigeadh a‑mach agus chuir e car de bhùird luchd‑malairt an airgid is cathraichean luchd‑reic nan calman.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thàinig iad gu Ierusalem: agus chaidh Iosa a‑steach don teampall, agus thòisich e air an dream a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall a chur a‑mach, agus thilg e thairis bùird luchd-malairt an airgid, agus cathraichean na muinntir a bha a’ reic chalaman;
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thàinig iad gu Ierusalem: agus chaidh Iosa a‑steach don teampall, agus thòisich e air an dream a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall a chur a‑mach, agus thilg e thairis bùird luchd‐malairt an airgid, agus cathraichean na muinntir a bha a’ reic chalaman;
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us rainig iad Ierusalem. ʼS nuair a chaidh e stigh doʼn teampull, thòisich e ri fuadachadh a mach na feadhnach a bha reic, ʼs na feadhnach a bha ceannach san teampull; agus leag e buird luchd-malairt an airgid, us cathraichean luchd-reic chalman.