Mark 12:14 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Thàinig iad agus thuirt iad ris, “Fhir‑Teagaisg, tha fios againn gu bheil thusa fìrinneach agus nach eil dragh ort mu bheachd neach sam bith; oir chan eil thu a' gabhail suim de choltas dhaoine ach a' teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e laghail cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? Am bu chòir dhuinn pàigheadh no nach bu chòir?”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air dhaibhsan teachd, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus nach eil suim agad de neach air bith: oir chan eil thu ag amharc air gnùis dhaoine, ach a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e ceadaichte cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? An tabhair no nach tabhair sinn i?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air dhaibhsan teachd, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus nach eil suim agad de neach air bith: oir chan eil thu ag amharc air gnùis dhaoine, ach a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e ceadaichte cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? An tabhair no nach tabhair sinn i?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Thainig iadsan, us thuirt iad ris: A Mhaighistir, tha fios againn gur duine firinneach thu, ʼs nach eil eisimeil agad ri duine air bith: oir cha sheall thu air pearsa dhaoine, ach tha thu teagasg slighe Dhe am firinn. Bheil e ceadaichte cis a thoirt do Chésar, no nach toir sinn i?