Mark 12:37 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Tha Daibhidh fhèin a' gabhail ‘Tighearna’ air. Ciamar mar sin a tha e na mhac dha?” Agus dh'èist am mòr‑shluagh gu toilichte ris.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Air an adhbhar sin, tha Daibhidh fhèin a’ gairm a Thighearna dheth; cionnas mas eadh is e a mhac e? Agus dh’èisd am mòr-shluagh ris gu taitneach.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Air an adhbhar sin, tha Daibhidh fhèin a’ gairm a Thighearna dheth; cionnas mas eadh is e a mhac e? Agus dh’èisd am mòr‐shluagh ris gu taitneach.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Tha Dài fhein ma ta a cantuinn a Thighearna ris, agus ciamar ma ta is e a mhac? Us dhʼeisd moran sluaigh ris gu deonach.