Mark 13:14 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Ach nuair a chì sibh ‘gràinealachd an lèir‑sgrios’ na seasamh far nach bu chòir dhi a bhith (tuigeadh an leughadair), an uair sin teicheadh iadsan a th' ann an Iudèa gu na beanntan.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach nuair a chì sibh gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad anns nach bu chòir dhi (tuigeadh an tì a leughas), an sin teicheadh iadsan a tha ann an tìr Iudèa a‑chum nam beann:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach nuair a chì sibh gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad anns nach bu chòir dhi (tuigeadh an tì a leughas), an sin teicheadh iadsan a tha ann an tìr Iudèa a‑chum nam beann:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus nuair a chi sibh grainealachd an leirsgrios ʼna seasamh far nach bu chòir dhi, am fear a leughas tuigeadh e: an sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudéa thun nam beann.