Mark 14:22 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus fhad 's a bha iad ag ithe, ghabh Ìosa thuige aran, agus às dèidh a bheannachadh, bhris e e agus thug e dhaibh e, agus thuirt e, “Gabhaibh, is e seo mo chorp‑sa.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus an dèidh a bheannachadh, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh: is e seo mo chorp-sa.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus an dèidh a bheannachadh, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh: is e seo mo chorp‐sa.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a bha iad a g-ithe, ghlac Iosa aran; ʼsa beannachadh bhrist e, agus thug e dhaibh, us thuirt e: Gabhaibh, se so mo chorpsa.