Mark 14:35 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus a' dol beagan na b' fhaide air adhart, thuit e air an talamh is rinn e ùrnaigh — nam biodh e comasach, gun deigheadh an uair seo seachad air.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus chaidh e beagan air aghaidh, agus thuit e air an talamh, agus rinn e ùrnaigh, nam bu chomasach e gun rachadh an uair thairis air.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus chaidh e beagan air aghaidh, agus thuit e air an talamh, agus rinn e ùrnaigh, nam bu chomasach e gun rachadh an uair thairis air.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa dol ceum air adhart, thuit e air an talamh; us ghuidh e, nam faodadh e bhith, gun rachadh an uair seachad air: