Mark 14:60 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
An uair sin sheas an t‑àrd‑shagart suas nam measg agus cheasnaich e Ìosa: “Nach eil freagairt idir agad? Dè an fhianais a tha iad seo a' togail nad aghaidh?”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air èirigh suas don àrd-shagart anns a’ mheadhon, chuir e ceist air Iosa, ag ràdh, Nach toir thu freagradh air bith uat? Ciod sin mu bheil iad seo a’ toirt fianais ad aghaidh?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air èirigh suas don àrd‐shagart anns a’ mheadhon, chuir e ceist air Iosa, ag ràdh, Nach toir thu freagradh air bith uat? Ciod sin mu bheil iad seo a’ toirt fianais ad aghaidh?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus an t-ard-shagart a g-eirigh ʼnam miadhon, cheasnaich e Iosa, a g-radh: Nach toir thu freagairt sam bith air na nichean a tha iad so a cur as do leth?