Mark 15:20 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus às dèidh dhaibh magadh air, thug iad dheth an t‑aodach purpaidh is chuir iad a chuid aodaich fhèin air. Agus thug iad a‑mach e airson a cheusadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus an dèidh dhaibh fanaid a dhèanamh air, thug iad dheth an t‑aodach purpair, agus chuir iad a aodach fhèin uime, agus thug iad a‑mach e a‑chum gun ceusadh iad e.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus an dèidh dhaibh fanaid a dhèanamh air, thug iad dheth an t‑aodach purpair, agus chuir iad a aodach fhèin uime, agus thug iad a‑mach e a‑chum gun ceusadh iad e.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus an deigh dhaibh magadh air, thug iad dheth am purpur, us chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh.